"Tòrr ri dhèanamh" mu sheirbheisean Gatwick

Itealan Flybe
Image caption Tha Flybe a' reic nan cothroman aca aig Gatwick ri Easyjet.

Thuirt ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, gu bheil fhathast tòrr ri dhèanamh airson a bhith cinnteach gu bheil seirbheisean adhair eadar Inbhir Nis agus Gatwick sàbhailte.

Tha seo a' tighinn an dèidh dha coinneachadh le ceannard Easyjet ann an Alba, Hugh Aitken Dimàirt.

Tha a' chompanaidh a' ceannach cheadan laighe agus falbh aig Gatwick a tha le Flybe an-dràsta.

Gabhaidh Easyjet na ceadan sin thairis sa Mhàrt an ath-bhliadhna.

Tha dragh ann gun cleachd Easyjet na ceadan airson seirbheisean eile a tha iad a' meas nas luachmhoire.

Tha Easyjet mar thà a' ruith seirbheis turas san là eadar Inbhir Nis agus Gatwick, an taca ris na trì tursan san là, ann 's air ais, a tha Flybe air a bhith a' ruith.

Tha dragh an gun caill Inbhir Nis na seirbheisean sin.