Iarrtas airson ceist an referendum sa Ghàidhlig

A' Ghàidhlig
Image caption Tha bile referendum fa chomhair na Pàrlamaid an-dràsta.

Chuir beagan a bharrachd air 400 duine an ainm ri ath-chuinge ag iarraidh dreach Gàidhlig air ceist referendum neo-eisimeileachd na h-Alba.

Chaidh an ath-chuinge air-loidhne bho chionn trì seachdainean 's i ag iarraidh na dearbh inbhe dhan Ghàidhlig air na bileagan-bhòtaidh 's a bhiodh aig a' Bheurla.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba ron a seo gu bheil Gàidheil a' tuigsinn na ceiste ann am Beurla, agus mar sin nach bi ach aona cheist - sa Bheurla - anns an referendum.

Tha gu meadhan oidhche Diciadain aig daoine airson an aimnean a chur ris an ath-chuinge, mus tèid a cur a-steach gu Comataidh nan Ath-chuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba.

"Cha robh mòran ùine ann airson an ath-chuinge a chumail air-loidhne," thuirt am fear a chuir an ath-chuinge air dòigh, Iain MacLeòid.

"'S e an adhbhar air cùlaibh sin, gu bheil an ùine a' ruith. Tha bile referendum fa chomhair na Pàrlamaid, agus bha mi airson gun deadh an ath-chuinge seo gu Comataidh nan Ath-chuingean Poblach mus sgaoileadh a' Phàrlamaid airson saor-làithean an t-Samhraidh.

"Ach tha mi toilichte leis an taic a thàinig a-steach. 'S ann à Alba a tha a' chuid mhòr de na h-ainmean. Ach tha cuid eile 's ann à Sasainn, a' Chuimrigh, agus air feadh an t-Saoghail a tha iad.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta a' nochdadh taic dhan Ghàidhlig, agus ag aithneachadh gur e cùis chòirichean cànain a tha seo, agus chan e cùis tuigse mar a bha an Riaghaltas a' cumail a-mach," thuirt e.