Curaidhean na Camanachd

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid an ceangal eadar saoghal na camanachd agus na thachair anns a' Chogadh Mhòr a chomharrachadh aig cuirm shònraichte mar phàirt de dh'Fhèis Blas 2013. Air an oidhche mus tèid cuairt dheireannach Chupa na Camanachd a chluich anns a' Ghearasadan am bliadhna, thèid na thachair a chomharrachadh tro chuirm le dealbhan, ceòl agus sgeulachdan. Seo an sgioba aig Ceann a' Ghiuthsaich le Cupa na Camanachd ann an 1914. Bhiodh còig bliadhna ann mus biodh iomain fharpaiseach ann a-rithist - is cha do thill còignear den sgioba seo bhon bhlàr.
Fo-thiotal an deilbh,
Seo A' Mhanachainn, a bhuannaich Cupa na Camanachd ann an 1913 le sgioba às a' bhaile fhèin agus le feadhainn à Lòbhat. Nam measg, bha na braithrean Dòmhnall is Alasdair Paterson.
Fo-thiotal an deilbh,
An Corporal Dòmhnall Paterson. Sgrìobh e port ainmeil mu shoirbheachas na Manachainne ann an 1913.
Fo-thiotal an deilbh,
Blàr Festubert. Bha Dòmhnall is Alasdair Paterson am measg na chaill am beatha an seo ann an 1915. Thill na pìoban is am port aig Dòmhnall is tha iad fhathast aig a theaghlach.
Fo-thiotal an deilbh,
Port Dhòmhnaill Phaterson - The Beauly Shinty Club
Fo-thiotal an deilbh,
Eileanaich anns na trainnseachan ro Bhlàr Festubert, an 16mh agus 17mh den Chèitean, 1915. Thathas a' tuigsinn nach tàinig duine aca beò bhon bhlàr. Bha an 4mh Batalian, na Camshronaich - balaich às an Eilean Sgitheanach, na h-Eileanan an Iar, is Gleanntan Shiorachd Inbhir Nis, am measg na sabaid as cruaidhe. Chaill 26 à Port Rìgh a-mhàin am beatha.
Fo-thiotal an deilbh,
An Lieut. Dr Iain Cattanach à Bail' Ùr an t-Slèibh. Cluicheadair iomain cho cliùteach s a bh' ann a-riamh, chuir e ochd tadhail anns a' chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd ann an 1909. Chaochail e ann an 1915 às dèidh mar a chaidh a leòn anns na Dardannelles.
Fo-thiotal an deilbh,
Cha robh sgioba iomain ann nach do chaill cuideigin, is chaill feadhainn ginealach air fad. "Tha uidhir de sgeulachdan co-cheangailte ris a' chogadh is saoghal camanachd", thuirt an Dotair Uisdean MacIllinnein, a bhios an lùib na ciùrme aig Blas còmhla ri Fergie Dòmhnallach is Gary Innes, am measg gu leòr eile. Bidh a' chuirm ann an Ionad Nibheis anns a’ Ghearsadan, Dihaoine an 13mh den t-Sultain 7:30f. Taing do dh'Uisdean MacIllinnein son nan dealbhan seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh