Cùmhant Loch Baghasdail ga thoirt seachad

'S iad companaidh à Beinn nam Fadhla, MacInnes Bros, a th' air an cùmhnant fhaighinn airson obair-leasachaidh mhòir air cala Loch Baghasdail ann an Uibhist a Deas.

Chaidh an naidheachd fhoillseachadh leis an uachdaran coimhearsnachd, Stòras Uibhist.

Cosgaidh an leasachadh £9.5m le airgead bho Chomhairle nan Eilean Siar, Iomart na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus an Crannchur Nàiseanta am measg eile.

Tha dùil gum bi an obair deiseil ann an 2015.