Dearbhadh air corp Bhlà Bheinn

Dhearbh Poilis na h-Alba gur e corp an t-sreapadair Oliver Mac a' Ghobhainn a chaidh fhaighinn air Blà Bheinn san Eilean Sgitheanach Didòmhnaich.

Bha Mgr Mac a' Ghobhainn air a dhol a dhìth aig toiseach a' Ghiblein.

Bha e 33, agus bhuinneadh e do dh'Fhìobha.

Bha luchd-teasairginn nam beann agus na Maoir-Chladaich ga shireadh le taic bho heileacoptair agus coin nam Poileas.

Thuirt na Poilis nach eil càil amharasach mun chùis, 's thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo