Fear Ròcabarra air iomairt a stad

Nick Hancock
Image caption Bha Nick Hancock a' togail airgid airson Help For Heroes.

Tha fear a bha ag amas air an ùine a b'fhaide a chuir duine riamh seachad air Ròcabarra a choileanadh, air innse nach dèan e oidhirp eile am bliadhna.

Dh'fheuch Nick hancock, a bhuinneas do Ràthach, faisg air Dùn Èideann, dà thuras faighinn air a' chreig, a tha 260 mìle an iar air na h-Eileanan Siar, ach cha d'fhuair e oirre ri linn droch shualaichean.

Bha e a' togail airgid airson a' charthannais, Help For Heroes.

Bha e gus 60 là a chur seachad air a' chreig, a' fuireach ann am "pod" a bha e fhèin air a dhealbh.

Thuige seo, cha do chuir duine na b'fhaide na 42 là seachad air a' chreig.