Cead ga thoirt sgoiltean a dhùnadh

Togalach Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha na h-argamaidean laghail mu an deach riaghailtean co-chomhairleachaidh a leantainn air a bhith a' dol greis.

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar cead leantainn orra le am planaichean Bun-sgoil Chàrlabhaigh agus Àrd-sgoil Shiaboist ann an Leòdhas a dhùnadh.

Tha an cead an dà sgoil a dhùnadh a' tighinn an dèidh strì fhada eadar an t-ùghdarras ionadail agus Riaghaltas na h-Alba, a thòisich an dèidh dhan Riaghaltas co-dhùnadh na Comhairle na sgoiltean a dhùnadh a ghairm a-steach.

Chaidh ath-bhreithneachadh laghail agus ath-thagradh a dhèanamh bhon uair sin.

Cho-dhùin Cùirt an t-Seisein Dihaoine gun deach co-chomhairlechadh an ùghdarrais ionadail mu a bhith a' dùnadh nan sgoiltean a dhèanamh ann an dòigh cheart agus chothromach.

Dùnadh

Tha e a' ciallachadh nach fhosgail na sgoiltean a-rithist an dèidh saor-làithean an t-Samhraidh.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gun robh e a' toilichte leis an naidheachd.

"Tha sinn a' cur fàilte air a' bhreithneachadh a tha a' dearbhadh gun robh modhanan na Comhairle cothromach, fosgailte agus laghail.

"Bu chaomh leam taing a thoirt dhan Chùirt son a bhith a' foillseachadh a' bhreithneachaidh aca ann an ùine gu leòr 'son sgoilearan agus luchd-obrach a ghluasad.

Tha 15 sgoilear ann an Càrlabhagh agus 35 sgoilear ann an Àrd-sgoil Shiaboist.

Sgoiltean eile

Bha a' Chomhairle airson an aon sgoil eile sna h-eileanan far a bheil àrd-sgoil dà bhliadhna, Àrd-sgoil Lionail, a dùnadh an-uiridh cuideachd.

Ach, cho-dhùin comhairlichean air bhòt gu math faisg sin a chumail fosgailte.

Tha ise a-nis gu bhith fo sgèith Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

An dèidh strì 'son a cumail fosgailte tha pàrantan aig Sgoil Sheileaboist anns na Hearadh air aontachadh gun dùin an sgoil an sin as t-Samhradh am bliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile