Colaiste ùr Inbhir Nis

Coltas an togalaich ùir
Image caption Tha dùil gum bi a' cholaiste ùr deiseil ann an 2015.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gun tòisich obair air an togalach ùr do Cholaiste Inbhir Nis an ath-mhìos.

Cosgaidh a' cholaiste ùr, a tha na pàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, £50m, agus cumaidh an obair-togail cosnadh ri 300 duine.

Bidh an togalach ùr comasach air 8,500 oileanach a ghabhail agus gabhaidh e àite an dà làraich a th' aig a' cholaiste anns a' bhaile an-dràsta - ann am Midmills agus air an Longman.

Bidh a' cholaiste suidhichte air làrach an Fhaidhbhilich (Beechwood) air iomall Inbhir Nis, far a bheil obair mhòr mar thà air tòiseachadh.

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal, gum bi a' cholaiste ùr na meadhan air obair-rannsachaidh agus foghlam aig àrd-ìre a thoirt air adhart ann an sgìre na Gàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile