Co-chomhairleachadh air sgoil Ghàidhlig ùr Ghlaschu

Air fhoillseachadh
fo-thiotal an deilbhTha iarrtas mòr air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu.

Thòisich co-chomhairleachadh poblach air crìochan sgìrean tarraing an dà sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu.

Dh'aontaich comhairlichean Diardaoin beachdan an t-sluaigh a shireadh air na sgìrean den bhaile às an tigeadh clann aig aois na bun-sgoile a dheadh dhan sgoil Ghàidhlig a th' ann an-dràsta, agus dhan sgoil ùir a thèid a thogail air taobh a deas a' bhaile.

Tha dà roghainn gan cur mu choinneimh phàrantan agus daoine aig a bheil ùidh.

Tha fear dhiubh a' cleachdadh Abhainn Chluaidh mar chrìoch nàdarra eadar an dà sgoil, agus an roghainn eile a' cleachdadh an M8 agus an M77 mar chrìch.

Tha dùil gum bi an sgoil Ghàidhlig ùr deiseil ro 2015 agus bheir e foghlam do chloinn suas gu prìomh a seachd.

Thuirt am ball airson Foghlaim agus an Òigridh air Comhairle Bhaile Ghlaschu, Stephen Curran gun toireadh na roghainnean dealbh soilleir do phàrantan air na sgìrean a bhiodh ann.

"Tha sinn a' tuigsinn cho tarraingeach agus soirbheachail 's a tha an sgoil Ghàidhlig a th' ann mar thà, agus a bhitheas, a rèir choltais, an sgoil ùr," thuirt e.

"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri pàrantan mu dheidhinn o chionn sia mìosan.

"Dh'iarrainn air gach duine aig a bheil ùidh sa ghnothach seo pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh, a thòisicheas air 17mh an t-Ògmhios," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh