Taigh Savile ga reic

Taigh Jimmy Savile Image copyright PA
Image caption Chaidh an taigh a mhilleadh grunn thursan ri linn nan casaidean drabastachd.

Thèid an taigh a bh' aig a' phreasantair telebhisein Jimmy Savile ann an Gleann Comhann a reic aig rùp Diardaoin.

Bho nochd na casaidean gun robh Saville, a bhàsaich ann an 2011, ri drasbastachd chloinne, chaidh an taigh aige ann an Gleann Comhann a mhilleadh grunn thursan.

Tha cuid fiù' s air a ràdh gu bheil iad airson 's gun tèid a leagail.

Tha luchd-coiseachd airson 's nach tèid a leagail ge-tà.

Dan rèir-san bu chòir taigh-tasgaidh a dhèanamh dheth, mar urram dhan t-sreapadair Albannach Hamish MacAonghais, a bha uair a' fuireach ann.

Thèid an rùp a chumail ann an Glaschu.

Ma thèid a reic, thèid an t-airgead a chur ris an oighreachd aige agus a chur gu feum airson airgead-dìolaidh a thoirt dhan fheadhainn air an tug e ionnsaigh.

Thuirt fear-labhairt bhon chompanaidh rùp gu bheil gu leòr an dèidh ùidh a shealltainn anns an togalach, agus gu bheil iad a' sireadh £100,000 air a shon.