Dragh ga thogail mu bhradan GM

Bradan Image copyright VT Freeze Frame
Image caption Tha ùghdarrasan nan Stàitean Aonaichte a' beachdachadh air bradan GM a cheadachadh mar bhiadh mhic an duine.

Tha luchd-rannsachaidh a' toirt rabhaidh mun chunnart a bhiodh ann nam faigheadh bradain GM ma sgaoil bho thuathanasan-èisg.

Tha an luchd-saidheans ann an Canada ag ràdh gun deadh aig bradan GM air briodadh leis a' bhradain fhiadhain, a' toirt seachad nan gineachan mì-nàdarra dhaibhsan.

Tha na h-ùghdarrasan anns na Stàitean Aonaichte an-dràsta a' beachdachadh air a bhith a' ceadachadh iasg GM mar bhiadh mhic an duine airson a' chiad uair.

Bidh bradain fhiadhan a' briodadh gu nàdarra an-dràsta 's a-rithist iasg eile a tha càirdeach dha, am breac donn.

Ach tha an luchd-rannsachaidh air faighinn gun tachradh sin le bradain GM cuideachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil an sgrùdadh a' nochdadh nan cunnartan a bhiodh an lùib bradain GM a bhith a' faighinn ma sgaoil.

Thathas den bheachd gum bi na ceudan mhìltean bradan a' faighinn ma sgaoil à tuathanasan-èisg gach bliadhna.

Ach tha a' chompanaidh biotech Aquabounty, a th' air an iasg ùr a chruthachadh, ag ràdh nach eil ach cunnart glè bheag an lùib na h-obrach, seach gu bheil bradain GM uile neo-thorrach, 's gun deadh an cumail ann an tancaichean air tìr.