Coltas an Iolaire

Mgr Caimbeul agus a mhodal Image copyright Iain X MacÌomhair
Image caption Tha Mgr Caimbeul ag iarraidh fios fhaighinn air seann dealbhan den t-soitheach.

Chan eil bàta cho aithnichte ceangailte ris na h-Eileanan an Iar 's dòcha ris an Iolaire.

Chaidh i air na creagan ris an canar Biastan Thuilm, aig beul Loch Steòrnabhaigh, oidhche Chalainn 1919, agus i a' toirt shaighdearan dhachaigh a Leòdhas às dèidh a' Chogaidh Mhòir.

Den 280 duine a bh' air bòrd, bhàsaich co-dhiù 205 dhiubh.

'S e buile mòr a bh' ann don eilean, a tha ri fhaireachdainn fiù 's an-diugh, cha-mhòr 100 bliadhna às a dhèidh.

Taisbeanadh

Cò ris, ge-tà, a bha an soitheach coltach gu mionaideach?

Tha fear anns an Rubha a' lorg dhealbhan den bhàta is e a' feuchainn ri modal dhith a chrìochnachadh.

Tha Iain Caimbeul an dòchas am modal a thaisbeanadh air a' cheann thall.

Tha e a' sireadh seann dealbhan den t-soitheach mar a bha i mus do ghabh an Cabhlach Rìoghail a-null an "Amalthaea" - mar a b'ainm dhi aig an àm - aig àm a' Chiad Chogaidh.

"Rud a tha gu math duilich faighinn lorg air, ma tha iad aig duine," thuirt Mgr Caimbeul.

"Chaiodh gunnaichean, agus pìosan eile a chur rithe.

"Tha mi fhìn an dèidh a bhith a' coimhead, ach chan eil mi a' faighinn lorg air càil.

"Ma bha càil aig duine tha mi creidsinn gun deach a shadail às bho chionn bhliadhnaichean.

"Chan eil càil dheth air an eadar-lìon. Bha tòrr dhaoine a' coimhead dhomh, 's cha tàinig iad an-àirde le càil.

"Chaidh a togail ann an 1888/89, tha mi a' smaoineachadh, dha Mgr Fearghasdan air Chluaidh.

"Chan eil fhios agamsa air mòran mu a dèidhinn an dèidh sin," thuirt e.

Tha Mgr Caimbeul air a bhith a' togail mhodalan de shoithichean o bha e na bhalach.

Tha cuid dhiubh air an taisbeanadh ann an Steòrnabhagh, agus tha e an dòchas gun deadh am modal seo, nuair a bhios e deiseil, ga thaisbeanadh aig ionad an aiseig sa bhaile.