Duine an grèim an dèidh "seisd".
- Air fhoillseachadh
Thuirt poilis gun deach duine a thoirt an grèim an dèidh tachartas coltach ri sèisd ann an sgìre thaighdeadais ann an Inbhir Nis madainn Diluain.
Chaidh boireannach agus pàisde a ghoirteachadh sa bhuaireadh air Craobh-shlighe Chùil Dhaothail.
Thugar a dh'Ospadail an Rathaig Mhòir iad airson cùram medigeach.
Chaidh poilis a ghairm gu an làraich mu 08.20m.
Thug iad fireannach 32 bliadhna a dh'aois an grèim.
Thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh