Cùis Liam Aitchison

Chuala an diùraidh ann an cùis mhuirt an deugaire Liam Aitichison gun deach 20 buile sgine a thoirt air Liam.

Dh'innis am Pathologist Foirenseach, an Dr Rosalyn Rankin, don chùirt gun deach a fhìor dhroch ghoirteachadh mu a cheann 's aodann cuideachd.

Tha Stefan Millar agus Ionatan MacFhionghuin a' dol às àicheadh gun do mhuirt iad Liam, a bha 16, ann an Stèinis, faisg air Steòrnabhagh anns an t-Samhain, 2011.

Tha a' chùis a' leantainn.