Dragh mu sheirbheisean adhair Lunnainn

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhPA
fo-thiotal an deilbhTha Flybe ag amas air cosgaisean a lùghdachadh.

Tha a' chompanaidh Flybe a' reic nan cothroman aca air Port-adhair Gatwick a chleachdadh ri Easyjet, air £20m.

Bidh Easyjet a' ruith nan slighean bhon Mhàirt 2014.

Tha seo a' toirt buaidh air seirbheisean eadar Lunnainn agus Inbhir Nis, Béal Feirste, Eilean Mhanainn, Guernsey, Jersey agus Newcastle.

Tha Flybe ag amas air cosgaisean a chumail sìos, ach tha draghan ann mun bhuaidh a dh'fhaodadh seo a thoirt air ceanglaichean adhair bhon Ghàidhealtachd.

Tha trì itealain aig Flybe san là a' fàgail Puirt-adhair Inbhir Nis airson Gatwick agus seo gu sònraichte air a dhealbhachadh airson luchd-gnothachais agus daoine a dh'fheumas itealain eadar-nàsieanta a choinneachadh aig Gatwick.

Tha àmannan nan seirbheisean a' ciallachadh gum faod gnothachasan air Ghàidhealtachd obair là a dhèanamh ann an Lunnainn.

Tha aon itealan aig Easyjet an-dràsta a' fàgail Inbhir Nis agus tha draghan ann gun tig àrdachadh air prìsean no atharrachadh a dhèanamh air uairean siubhail.

Thuirt BP na sgìre, Danny Alexander, gun robh esan air draghan a thogail mun chùis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh