Àrdachadh ann an às-mhalairt na Gàidhealtachd

Thàinig àrdachadh cha-mhòr 50% air na tha de dh'às-mhalairt aig companaidhean air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Dh'innis Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) gun tug iad taic do 156 companaidh an-uiridh, an àireamh às motha riamh, le bhith a' reic a' bhathair 's nan seirbheisean aca ri margaidhean ùra thall-thairis.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil còig pròiseactan luachmhor eadar-nàiseanta am measg sin, le dùil gun lean iad gu teachd a-steach de £36m thar an ath thrì bliadhna.

Ann an Alba air fad, fhuair 2,096 companaidh taic le bhith a' reic ri margaidhean ùra thall-thairis an-uiridh, suas 52% bhon bhliadhna ron a sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile