Norovirus fhathast a' toirt buaidh

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Tha uàrd 3C ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir air a bhith dùinte bho Dhihaoine sa chaidh

Tha trì ospadalan coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd, agus uàrd ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, fhathast dùinte 's euslaintich a' fulaing le dinneas dìobhairt a' gheamhraidh, norovirus.

'S iad ospadalan Ghoillspidh, Inbhir Narainn agus Inbhir Ghòrdain an fheadhainn a tha dùinte.

Thàinig an galar air 13 duine ann an Ospadal Ghoillspidh, agus tha dithis dhiubh sin fhathast tinn leis.

Tha aon duine fhathast tinn ann an Ospadal Inbhir Ghòrdain, a-mach às an naoinear air an tàinig e.

Chan eil duine tinn an-drasta ann an Ospadal Inbhir Narainn, a th' air a bhith dùinte bho Dhiardaoin sa chaidh.

Tha an galar air còignear ann an uàrd 3C ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir, agus tha aon duine aca fhathast tinn leis.

Comhairle

Tha Bòrd-slàinte na Gàidhealtachd ag iarraidh air daoine air a bheil an galar iad fhèin, neo a tha a' fuireach le cuideigin air a bheil e, gun a dhol a-steach dhan na h-ospadalan.

Bu chòir do dhaoine feitheamh dà là, às dèidh dhaibh faighinn seachad air, mus tèid iad a-steach dhan ospadal.

Tha am Bòrd-slàinte cuideachd a' comhairleachadh do dhaoine an làmhan a nighe tric le bùrn agus siabann ann an oidhirp stad a chuir air a' ghalar bho bhith a' sgapadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo