Sgrùdadh mu cheanglaichean adhair ùra
- Air fhoillseachadh

Tha seirbheis ùr eadar an t-Òban agus Ceann Loch Cille Chiarain a-measg an fheadhainn air am faodar beachd a thoirt
Tha a' bhuidhean chòmhdhail Hitrans ag iarradh air gnothachasan agus air a' phoball am beachd a thoirt air trì seirbheisean adhair ùr a dh'fhaodadh tòiseachadh eadar na h-Eileanan Siar, Cinn Tìre agus Glaschu.
'S ann air seirbheisean eadar an t-Òban agus Barraigh, an t-Òban agus Glaschu agus an t-Òban agus Ceann Loch Cille Chiarain a tha beachdan gan sireadh.
Tha Hitrans airson dearbhadh dè cho dualtach 's a bhiodh daoine na seirbheisean sin a chleachdadh.
Tha an sgrùdadh, anns am faodar pàirt a ghabhail air loidhne, cuideachd a' faighneachd mar a ghabhas piseach a thoirt air an t-seirbheis eadar Glaschu agus Barraigh.
Thig an sgrùdadh gu ceann air an 10mh là dhen Og-mhìos.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh