Rabhadh mu chumhachd-nuadhachail

Cruinn gaoithe Image copyright PA
Image caption 'S iad Riaghaltas Westminster agus Riaghaltas na h-Alba a dh'iarr an aithisg.

Tha feum air adhartas san aithghearrachd ma tha eileanan na h-Alba gus buannachd fhaighinn à cumhachd ath-nuadhachail, a rèir aithisg a dh'iarr Riaghaltas Westminster agus Riaghaltas na h-Alba.

'S iad na buidhnean Baringa Partners agus TNEI a rinn an sgrùdadh, is iad a' coimhead air mar a dh'fhaodadh eileanan na h-Alba cur ri targaidean an dà riaghaltais air cumhachd ath-nuadhachail.

Tha cothrom air buannachdan mòra dha na h-Eileanan an Iar, Arcaibh is Sealtainn, a rèir na h-aithisg, is gu dearbh tha cothrom ann Alba a stèidheachadh mar thè de na dùtchannan as adhartaiche san t-saoghal sa ghnìomhachas.

Fhuair an aithisg gum faodadh cumhachd ath-nuadhachail suas ri 10,000 cosnadh a chruthachadh ann an eileanan na h-Alba ro 2030.

Cnapan-starra

Nochd rabhadh ge-tà mu na cnapan-starra a tha an-dràsta mu choinneimh a' ghnìomhachais agus an dùbhlan is cosgais an lùib cheangal a dhèanamh ris a' ghriod nàiseanta.

Chan eil e dad nas soilleire cuin a thèid càbal ùr dealain a chur fon mhuir eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr Mòr.

Thuirt an aithisg nach gabh cumhachd ath-nuadhachail ann an eileanan na h-Alba a leasachadh gu ìre mhòr sam bith leis a' bhun-structar a th' ann an-dràsta.

"Tha na cosgaisean gus ceangal ris a' ghriod ro àrd is tha sin a' fàgail gu bheil e doirbh do luchd-leasachaidh agus dhan riaghaldair a tha a' riochdachadh an luchd-cleachdaidh gealltanas a thoirt seachad air bun-structar ùr cosgail a thogail.

"Tha sin fhèin a' fàgail nach eil luchd-leasachaidh ùr buailteach a dhol an sàs.

"Mì-chinnt"

"Fàgaidh a' mhì-chinnt gum bi dàil air gnothaichean agus nach tèid aig eileanan na h-Alba air cur ri na targaidean a th' ann gu ìre mhòr sam bith.

"Feumaidh riaghaltasan co-dhùnadh a dhèanamh air na cosgaisean is buannachdan a thaobh cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh ann an eileanan na h-Alba, an taca ri dealan fhaighinn à aìteachan eile.

"Ma tha miann poiliteagach ann gum bi eileanan na h-Alba a' cur gu mòr ri targaidean an dà riaghaltais air cumhachd ath-nuadhachail, feumar poileasaidh ùr eadar an Raghaltas agus an riaghladair a chur an sàs cho luath sa ghabhas", thuirt an aithisg.

Chuir Comhairle nan Eilean Siar fàilte air an aithisg is thuirt iad gu bheil e deatamach gun tèid dèiligeadh ri na cnapan-starra a th' ann, gus am faighear air pròiseictean ath-nuadhachail a thoirt gu buil.

"Tha mi an dòchas gun tèid an aithisg a tha seo a chleachdadh mar bhunait son adhartas air leth fhèin sgiobalta", thuirt ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul.