"Mearachd Onorach" aig fianaisiche
- Air fhoillseachadh
Chuala cùis-mhuirt Liam Aitchison gun do rinn tè a bha roimhe na leannan aige mearachd le bhith ag ràdh gum faca i Liam ann an Steòrnabhagh air an 25mh den t-Samhain 2011.
Thuirt Ashley NicDhòmhnaill sa chùirt gur e seachdain ron a sin a bh' ann, air an 17mh no 18mh.
Tha Stefan Millar agus Ionatan MacFhionghain fo chasaid gun do mhuirt iad Liam air an 23mh den t-Samhain 2011.
Thuirt Miss NicDhòmhnaill, 17, gun robh i eòlach air Liam Aitchison, a bha 16, fad bhliadhnaichean is gun robh i roimhe na leannan aige.
Dh'fhaighnich am fear-casaid, Iain MacSporrain, an e mearrachd onorach a rinn i sa chiad aithris a thug i do na poilis.
Thuirt Ashley NicDhòmhnaill gur e.
"Iognadh"
Dh'fhaodar coimhead air na bha i ag ràdh sa chùirt a-nise mar "iongnadh", thuirt Mgr MacSporrain.
"Dh'fhaodar, oir thuirt mi roimhe gur ann air an 25mh a chunnaic mi e", thuirt Ashley NicDhòmhnaill.
Tha Stefan Millar agus Ionatan MacFhionghain, a tha le chèile 22, fo chasaid gun tug iad ionnsaigh air Liam, a bha 16, le botal agus sgian, gun do bhreab iad gu dona e mun a cheann, agus gun do mhuirt iad e.
Tha an dithis a' dol às àicheadh nan casaidean.
Tha a' chùis a' leantainn.