Eileanach a' trèanadh ann an Serbia

Smalaidrean aig crìoch Sherbia Image copyright Scottish Fire and Ambulance Aid
Image caption Garry Benett, Pòl MacNiven, Ian Moireach agus & Rab Forsyth aig crìoch Sherbia.

Tha buidheann le luchd-smàlaidh agus luchd-eiridinn dìreach air tilleadh a dh'Alba an dèidh dhaibh 3 carbadan-smàlaidh agus carbad-eiridinn a thoirt a-null a Sherbia.

Dh'fhuirich a' bhuidheann ann seachdainn airson trèanadh a thoirt do luchd-smàlaidh is eiridinn air ciamar a chleachdas iad an uidheamachd agus air an dòigh as fheàrr èiginn a' làimhseachadh.

Bha iad gu sònraichte a' toirt trèanadh air ciamar a bu chòir dèiligeadh ri tubaistean rathaid.

B' e Blythswood Care a chuir an turas air dòigh le Buidheann Cobhair Smàlaidh is Eiridinn na h-Alba.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Ian Moireach a' bruidhinn mun turas aige.

Tubaistean rathaid

Gu ruige seo tha an carthannas air 11 carbad-smàlaidh agus 3 carbadan-eiridinn a chuir gu Serbia agus Moldova.

A rèir a' charthannais tha trioblaid mhòr san dà dhùthaich le tubaistean rathaid agus chan eil an uidheamachd aca dèiligeadh riudha.

Gu math tric tha iad a' cleachdadh seann charbadan Ruiseanach a chaidh a thogail sna leth-cheudan agus innealan-làimhe son daoine a tha glaichte a shaoradh.

Tha an carthannas ag ràdh gu bheil seo a' ciallachadh g'eil casan agus gàirdeanan gan toirt far euslaintich aig oir an rathaid.

Suidheachaidhean èiginn

Le a bhith a' toirt uidheamachd a-null à Alba tha Blythswood Care an dòchas comasan nam buidhnean èiginn ann an cuid a sgìrean dèiligeadh ri suidheachaidhean èiginn a thoirt air adhart.

'S iad luchd-smàlaidh agus eiridinn saor-thoileach a tha a' toirt nan carbadan a-null agus tha a' dèanamh an trèanaidh.

An turas-sa chaidh an catthannas gu Vrnjacka Banja, baile le mu 10,000 duine mu thrì uairean a thìde tuath air Belgrade.

Image copyright Scottish Fire and Ambulance Aid
Image caption An sgioba agus na carbadan a chaidh a thoirt seachad.
Image copyright Scottish Fire and Ambulance Aid
Image caption An uidheamachd a thugar a-null gu luchd-smàlaidh Sherbach.
Image copyright Scottish Fire and Ambulance Aid
Image caption Taisbeanadh poblach ann am meadhan Vrnjacka Banja le luchd-smàlaidh Albannach agus Serbach.

Am measg an dusan a chaidh ann bha an smàladair saor-thoileach, Iain Moireach, à Nis ann an Leòdhas.

B' e an aon duine bhon Ghàidhealtachd sna h-Eileanan leis a' chòrr à Fiobha agus Dùn Èideann.

An deidh turas oidhche air bàt-aiseig agus 36 uair a thìde air an rathad agus latha fois thòisich an obair.

"Diluain thòisich sinn a' toirt an uidheamachd ri chèile, a' bruidhinn ri na daoine agus a' sealltainn dhaibh ciamar a dh'obraichean iad an stuth.

"Ach chan fhaca iad an stuth a-riamh nam beatha.

"Bha sinn fad na seachdainn gan trèanadh air uidheamachd-anail a bhios iad a' cur air an druim nuair a tha iad anns a' cheò.

"Na daoine a th'ann, chan eil pioc uidheamachd aca neo stuth son dèiligeadh ri teine, neo càil, chan eil fiach aca son na seirbheis-smàlaidh.

"Tha e gu math duilich nuair a chì thu am beagan a th' aca.

"Cha thuigeadh tu a-riamh cho beag 's th' aca. Tha sinn a' smaoineachadh gu bheil sinn ann an trioblaid, ach chan eil. Tha sinne math dheth," thuirt Mgr Moireach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile