Reachdas rèiteachaidh na dì-chroitearachd

Talamh-croite
Image caption Chuir an Coimisean casg air iarrtasan dì-chroitearachd bho chroitearan seilbhe sa Ghearran.

Chaidh reachdas ùr a bheireadh atharrachadh air lagh na croitearachd a chur air adhart sa Phàrlamaid Albannaich.

Thuirt an Riaghaltas Albannach gur ann ag amas air duilgheadasan sònraichte a thaobh chroitearan seilbhe a rèiteachadh a bha an reachdas.

Tha troimhe-chèile air a bhith ann mu mar a bu chòir do dhì-chroitearachd a bhith ag obrachadh.

Anns a' Ghearran am bliadhna, chuir Coimisean na Croitearachd casg air dì-chroitearachd ann an cùisean chroitearan seilbhe (croitearan a th' air na croitean aca a cheannach) gus an tèid dèiligeadh ris an duilgheadas.

Bha iad ag ràdh nach robh Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd (2010) a' toirt dhaibh cumhachd sin a cheadachadh.

Thuirt Ministear na h-Àrainneachd, Pòl Wheelhouse, gun robhas an dòchas gun toireadh an reachdas an troimhe-chèile gu crìch.

"Thàinig e am bàrr o chionn ghoirid gun robh duilgheadas an lùib Achd Ath-leasachaidh na Croitearachd 2010, agus tha Riaghaltas na h-Alba, còmhla ri Coimisean na Croitearachd, air a bhith ag obair gu math cruaidh feuch seo a rèiteachadh cho luath 's a ghabhas," thuirt e.

"Tha, gu soilleir, diofar bheachdan laghail air a' chùis, agus bheir am bile seo cinnt laghail don a h-uile duine a tha an sàs ann an dì-chroitearachd le croitearan seilbhe.

"Tha mi an dòchas gum faigh croitearan, luchd-iasaid agus eile faochadh às an reachdas, 's gum bi fios aca gu bheil na tha a dhìth ga dhèanamh," thuirt e.

Thèid iarraidh air Buill na Pàrlamaid beachdachadh air an reachdas ùr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile