Fear-baidhc a dh'eug ga ainmeachadh

Dh'ainmich na poilis fear a bh' air motar-baidhseagal a chaidh a mharbhadh ann an Loch Abar air an deireadh-seachdain a dh'fhalbh.

B' e James Dobson, 57 bliadhna de dh'aois, à Lincolnshire ann an Sasainn.

Bha tubaist aige air an A830 faisg air Gleann Fhionghain mu 3:00f Didòmhnaich.

Chaidh a thoirt gu Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan, ach bhàsaich e an sin.