Roghainn 6
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Roghainn 6 gun ath-sgrùdadh

10 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cha tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air na roghainnean airson ceangail-rathaid an iar Inbhir Nis.

Bha còignear de chomhairlichean a' bhaile air gluasad a chur air adhart ag iarraidh ath-sgrùdaidh agus connnspaid ann mun t-slighe a chaidh a thaghadh.

Ach a dh'aindeoin taic bho luchd-iomairt, a bha a' togail fianais taobh a-muigh na talla, cha deach leotha.

Bhòt a' chuid as motha de bhuill an ùghdarrais leantainn orra leis na planaichean.

Bha Eileen NicDhòmhnaill an làthair aig a' Chomhairle.