Nighean a bhàsaich ga h-ainmeachadh

Dh'ainmich na poilis an nighean òg a bhàsaich aig Ionad Chur-seachadan Loch Innis an Ceann na Creige moch sa mhadainn Diciadain.

B' i Ruby Dench, 11 bhliadhna de dh'aois.

Bha i còmhla ri buidhinn de chloinn-sgoile à Èirinn a Tuath a bha a' fuireach aig an ionad.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach nuair a chaidh an leanabh a lorg gun mhothachadh.

Chaidh a toirt gu Ospadal an Ràthaig Mhòir, ach bha i air bàsachadh.

Bha clann eile bhon bhuidhinn a' faireachdainn tinn, ach cho-dhùin doctair nach robh iad ann an cunnart.

Ann an litir gu pàrantan aig Bun-sgoil Whiteabbey an Èirinn a Tuath, thuirt an ceannard sgoile nach eil fhios fhathast dè thug bàs do Ruby.