Poilis gun amharas mu bhàs boireannaich

Anna NicCaluim
Image caption Chaidh am boireannach ainmeahadh gu h-ionadail mar Anna NicCaluim.

Thuirt Poilis ann an Leòdhas a tha a' rannsachadh bàs boireannaich san eilean, nach eil iad den bheachd gu bheil càil amharasach mun chùis.

Chaidh corp a' bhoireannaich a lorg air an tràigh ann an Suardal, anns an Rubha, tràth madainn Diardaoin.

Thuirt neach-labhairt nam Poileas gur e cuideigin a' coiseachd le cù a chuir fios thuca mu dheidhinn.

Chaidh am boireannach ainmeachadh gu h-ionadail mar Anna NicCaluim, a bha na manaidsear air Muilleann Chlò Chàrlabhaigh.

Tha na Poilis fhathast a' rannsachadh na cùise, agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.