Planaichean balla tuile Inbhir Nis gan taisbeanadh

Abhainn Nis Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha tairgsean gan sireadh airson a' chùmhnant thogail, luach £10.5m.

Bidh planaichean airson na dàrna earrainn de sgeama a tha ag amas air Inbhir Nis a dhìon bho thuiltean gan taisbeanadh dhan phoball an t-seachdainn seo tighinn.

Tha dùil gun cosg am pàirt seo den phròiseact mu £12m.

Tha an earrainn seo den sgeama a' toirt a-steach na sgìre eadar Drochaid nam Manach agus beul Abhainn Nis.

Bidh an taisbeanadh ri fhaicinn ann an Talla Eaglais na Trìanaid air Sràid Ghilbert ann an Inbhir Nis, eadar 12:00f agus 7:00f Diardaoin 16mh an Cèitean.

Bidh cothrom cuideachd aig a' phoball draghan a dh'fhaodadh a bhith orra mun obair sin a thogail leis a' Chomhairle.

Tha tairgsean gan sireadh an-dràsta airson a' chùmhnant togail, luach £10.5m.

Tha dùil gun tòisich an obair sin as t-Samhradh.