Comhairle gus tarraing a-mach à CnaG

Tha trì de na prìomh bhuidhnean a bha nam buill de Chomunn na Gàidhlig a' tarraing a-mach às.

Tha HIE agus an Comunn Gàidhealach mar thà air am ballrachd ann an CnaG a tharraing.

Tha dùil a-nis gun tarraing Comhairle na Gàidhealtachd a-mach cuideachd an t-seachdainn seo.

Tha iad a' dèanamh dheth gu bheil CnaG a-nis air slighe ùir, agus nach eil adhbhar dhaibh a bhith nam buill.

B' e CnaG aig aon àm a' phrìomh bhuidheann air an robh dleastanas airson a' Ghàidhlig a leasachadh an Alba.

Ach 's ann air buidhinn oifigeil Riaghaltais - Bòrd na Gàidhlig - a tha uallach a' chànain a-nis.

Tha CnaG ann fhathast, 's iad air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus HIE airson leasachadh cànain a chur an sàs.

Ach tha CnaG a' cur romhpa gur e riochdairean gnìomhachais, coimhearsnachd, òigridh is eàlain a tha iad ag iarraidh air a' bhòrd-stiùiridh aca a-nis.

Cho-dhùin HIE agus An Comunn Gàidhealach mar sin am ballrachd air Bòrd-Stiùiridh ChnaG a leigeil seachad.

Tha coltas gun dèan Comhairle na Gàidhealtachd an aon rud, 's iad gu bhith ga dheasbad an t-seachdainn seo.

Ach thathas a' tuigsinn gu bheil Comhairle nan Eilean Siar airson cumail orra nam buill air a' bhòrd-stiùiridh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile