Rabhadh mu thaic-airgid thaighean-croite

Làrach-togail
Image caption Faodaidh croitearan taic-airgid fhaighinn airson taigh a thogail.

Thàinig rabhadh bho BhPA Shealtainn, Tavish Scott, gur dòcha gu bheil taic-airgid nan taighean-croite ann an cunnart a dhol à bith.

Tha Riaghaltas na h-Alba air buidseat nan taighean-croite a ghearradh trìan bho 2005, gu £1.3m.

A rèir Neil MhicLeòid, a bha roimhe na chathraiche air Caidreachas Croitearachd na h-Alba, 's e sgeama gu math cudromach a tha seo, agus 's ann a bu chòir dhan Riaghaltas barrachd airgid a chur ris.

Fiachan

"Cha robh dòigh air taighean a thogail cho freagarach ris an sgeama sin," thuirt e.

"Nuair a bha iasad orra, cha robh daoine a' dol ann am fiachan - cha chuala mi riamh gun robh fiachan air daoine, bha iad gam pàigheadh air ais.

"'S e cuideachadh mòr mòr a bh' ann.

"Ach thòisich iad an uair sin a' cantainn nach robh daoine gu leòr ga iarraidh. Ach cha robh an sin ach breug.

"Bha daoine ga iarraidh. Ach rud nach do dh'innis iad, gun robh iadsan a' diùltadh airson adhbharan nach robh a' dèanamh ciall sam bith.

Briste

"Fhathast, cha ghabh taigh a thogail cho math no cho saor ri taighean a' Bhùird.

"A h-uile càil mar sin, mur a seas duine sam bith aca, tha iad a' dol a ghabhail brath is cuiridh iad stad air.

"Feumaidh sinn a dhèanamh gu math cinnteach nach leig sinn leotha cur às dhan sgeama seo.

"Mur a h-eil e briste, carson a tha thu a' dol a ghabhail gnothaich ris?

"'S cha robh e briste. Fàg e, 's cuir barrachd airgid ann," thuirt e.

Thuirt an Riaghaltas mar thà gun deach taic-airgid a thoirt seachad ann an 27 tairgse a-mach à 33, eadar an Lùnastal agus an Dùbhlachd an-uiridh.

Thuirt iad cuideachd gun deach am pròiseas atharrachadh airson dèanamh cinnteach gun tèid an co-dhùnadh ceart a ruighinn ann an gach iarrtas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile