Ralaidh Innse Gall air an rathad

Air fhoillseachadh
tùs an deilbhOther

Le dìreach ceitheir miosan air fhàgail, tha Club Chàraichean Leòdhais ag ràdh gu bheil an rèis aca - Rally Hebrides - air targaid son còrr is £21,000 a thogail son buidhean chathrantais am bliadhna.

Thèid an ralaidh air adhart air an 17mh Lùnasdal agus tha mòran dhrìobhairean air na h-ainmeanan aca a chur air adhart airson na rèis mar tha.

Ged a cho-dhùin riaghaltas Westminster gun a dhol air adhart le co-luadar air rallaidhean far am bithear a' dùnadh rathaidean, chan eil seo a' dol a thoirt buaidh sam bith air Rally Hebrides.

Bi na càraichean a' dol timchuil deifir àitean ann an Steòrnobhagh.

Thog iad £21,000 an uiridh son Buidhean Taic Ailse Mhic a' Mhaoilean.