Tannaraigh Mhòr ga reic

Tannaraigh Mhòr Image copyright Other
Image caption Chaidh an t-eilean a cheannach ann an 1996 leis an teaghlach Wilder.

Thèid fear de na h-Eileanan Samhraidh far chosta siar na Gàidhealtachd, Tannaraigh Mhòr, air a' mhargaidh a dh'aithghear son £2.5m.

'S e an t-eilean as motha am measg nan Eileanan Samhraidh, le 800 acair, agus 's e an aon fhear dhiubh air a bheil daoine fhathast a' fuireach.

Cheannaich an teaghlach Wilder leis a bheil e an-dràsta, an t-eilean ann a 1996 agus tha iadsan air a bhith a' fuireach ann bhon uair sin.

Bha iad air bruidhinn ri Coimhearsnachd na Còigich feuch an robh ùidh sam bith acasan ann a bhith ga cheannach mus rachadh a chur air a' mhargaidh fhosgailte.

A' Cigeach

Ach leis gu bheil Buidheann Leasachaidh na Còigich an sàs ann an grunn phròiseactan leithid Taigh-Smocaidh Ach' Ille Bhuidhe, cho-dhùin iad gun a dhol air adhart le bhith a' feuchainn ris an t-eilean a cheannach.

Image copyright other
Image caption Chìthear seallaidhean briatha bhon t-eilean.

Bidh mòran luchd-turais a' tadhail air an eilean, agus tha seallaidhean air leth brèagha bhon t-Seann Taigh Sgoile far an robh an teaghlach Wilder a' fuireach - a' coimhead sìos air an Acairsaid agus a-null gu beanntan Tìr Mòr Ros an Iar.

Chuir na h-uachdarain còrr is 164,000 craobh dhùthchasach, agus le beagan stuic air an eilean, tha cothrom air a bhith aig beathaichean fiadhaich soirbheachadh.

Frank Fraser Darling

Tha Café agus Oifis a' Phuist fosgailte gach là tro mhìosan na turasachd, agus bidh bàtaichean luchd-turais a' tadhail air an eilean à Ulapul agus Ach' Ille Bhuidhe.

Sgrìobh Frank Fraser Darling leabhar mun eilean, 'Island Farm' 's e air tighinn a dh'fhuireach ann an Tannaraigh Mhòr anns na 1930an.

Bhiodh e a' clàradh fiosrachaidh mu na h-eòin a bhiodh a' tighinn ann, bha e gu mòr an sàs ann an àiteachas air an eilean, agus thog e fhèin agus a bhean Bobby an cidhe aig Taigh a' Chidhe.

Thèid an t-eilean air a' mhargaidh son £2.5m.