Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bun-phrìs

Tha bun-phrìs air deoch làidir ann an Alba ceum nas fhaisge an dèidh co-dhùnadh cùirte a thuirt gun robh planaichean an Riaghaltais laghail. Thog Caidreachas Uisge Bheatha na h-Alba tagradh an aghaidh a' mholaidh, a dh'fhàg gun deach dàil a chur as a' phròiseas. An-diugh, thuirt am Morair Doherty gun do dhiùlt e an tagradh aca. Thuirt Riaghaltas na h-Alba roimhe gun robh iad airson bun-phrìs de 50sg a chur air gach aonad de dheoch-làidir.

RBS

Dh'fhoillsich Banca Rìoghail na h-Alba prothaidean de chòrr is £800m airson a' chiad trì mìosan dhan bhliadhna. Sin a' chiad uair ann am bliadhna gu leth a tha iad air prothaid fhoillseachadh. Tha 80% den bhanca an-dràsta ann an làmhan luchd-pàighidh nan cìs, ach thuirt cathraiche a' bhanca gum bi iad deiseil airson tilleadh chun na roinne prìobhaidich an ceann bliadhna no mar sin.

Taghaidhean

Bhuannaich na Làbaraich fo-thaghadh ann an South Shields, far am b'àbhaist do Dhàibhidh Miliband a bhith na bhall-pàrlamaid. Chaill na Lib Deamaich an t-èarlas aca, agus chaidh na Tòraidhean a chur dhan treas àite, le UKIP a' faighinn an darna àite. 'S iad UKIP a rinn an t-adhartas as motha anns na taghaidhean ionadail, far an d'fhuair iad cairteal den bhòt ann an cuid de sgìrean.

Pagastan

Chaidh fear-casaid ann am Pagastan a th' air a bhith a' rannsachadh murt an t-seann phrìomhaire, Benazir Bhutto, a mharbhadh le gunna ann am prìomh bhaile na dùthcha, Islamabad. Thug fireannaich air motorbaidhsagalan ionnsaigh air Chaudhry Zulfiqar Ali air beulaibh a dhachaigh. Bhàsaich e san ospadal.

Bàta-teasairginn an t-Òib

Thèid seirbheis-choisrigidh a chumail san t-Òb anns na Hearadh an-diugh, a chomharrachadh gu bheil bàta-teasairginn ùr a' bhaile a-nis stèidhichte ann làn-ùine. Tha am bàta air a bhith ag obair aig ìre dheuchainneach gu ruige seo, bho chaidh a chur ann bho chionn cha mhòr bliadhna. Chaidh dearbhadh air a' mhìos a chaidh gun tèid am bàta a chumail anns an t-Òb.

T in the Park

Agus chaidh innse gum bi an fhèis T in the Park a' dol air chuairt, agus iad a' comharrachadh fichead bliadhna dhan fhèis. Bidh leithid The View, Vigo Thieves, agus na LaFontaines a' cluich ann an Dùn Dè, Obar Dheathain, Inbhir Air agus bailtean eile ron fhèis anns an Iuchar.