Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Cèitean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Afghanistan

Thuirt Prìomh Mhinistear na h-Alba, Ailig Salmond, gun robh robh smuaintean na dùthcha le teaghlaichean nan saighdearan a chaidh a mharbhadh ann an Afghanistan. Chaidh triùir shaighdearan Bhreatannach bho Reiseamaid Rìoghail na h-Alba a mharbhadh - nuair a bhual an carbad anns an robh iad a' siubhal ann an inneal spreadhaidh agus iad air cuairt àbhaisteach ann an sgìre Helmand. Chaidh fios a chur gu teaghlaichean nan saighdearan. Thuirt am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gu bheil an dùthaich air fulang gu mòr mar thoradh air an obair a thathas a' dèanamh ann an Afghanistan.

RBS

Dh'iarr Rùnaire a' Ghnothachais, Vince Cable, air Luchd-Casaid a' Chrùin co-dhùnadh a dhèanamh cho luath 'sa ghabhas, an tèid casaidean a chur às leth feadhainn a bha nan stiùireachan air Banca Rìoghail na h-Alba, nuair a theab am banca a dhol fodha. Chaidh a' chùis gu Luchd-Casaid a' Chrùin san Fhaoilleach 2012 as dèidh do dh'Ùghdarras nan Seirbheisean Ionmhais rannsachadh a dhèanamh mu na fàilligidhean aig a' bhanca.

Bangladesh

Thog na mìltean chun na sràidean ann am Bangladesh, agus iad ag iarraidh sàbhailteachd a bharrachd do luchd-obrach, an dèidh mar a thuit togalach an t-seachdain seo chaidh. Bhàsaich còrr air 400 neach nuair a thuit an togalach far an robhar a' dèanamh aodaich ann am prìomh bhaile na dùthcha Dhaka. Tha còrr air 100 neach fhathast a dhìth.

Drogaichean

Thuirt poilis ann an Dùn Èideann gun d'fhuair iad drogaichean luach £30,000 agus £200,000 ann an airgead an dèidh iomairtean madainn an-diugh. Chaidh sia duine deug a chur an greim, agus na poilis air iomairt a dhèanamh gu sònraichte ann an ceann a deas agus air taobh an ear a' bhaile, an aghaidh dhaoine a tha a' reic agus a' ceannach dhrogaichean.

Seach-rathad

Thèid cruinneachadh a chumail ann am Pàirc Whin ann am baile Inbhir Nis a-nochd, le daoine a tha a' togail fianais mu sheach-rathad an iar air a' bhaile. Tha iad draghail gun toir an rathad ùr buaidh air an talamh uaine mu thimcheall na pàirce, ged nach tèid an rathad tron phàirce fhèin.