Dàil air mèinn òir Earra-Ghàidheal

Chaidh dàil sa phlana airson aon mèinn òir ann an Alba fhosgladh, faisg air Taigh an Droma ann an Earra-Ghàidheal.

Thuirt a' chompanaidh Scotgold gu bheil margaid an òir glè ìosal an-dràsta, agus nach e seo an t-àm airson a bhith a' togail airgid airson an sgeama a mhaoineachadh.

Tha iad an dùil gu bheil ceithir tunna òir sa mhèinn ann an Cononais, luach mu £70m.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile