Sgrùdadh a' dol son bàta tha a dhìth

Air fhoillseachadh

Tha iomart theasairginn a' leantainn faisg air Eilean Èisdeil airson bàta-iasgaich mun deach brath èiginn a sgaoileadh.

Fhuair na maoir-chladaich ann an Steòrnabhagh fios aig àm dinnearach Diardaoin gun robh am bàta, air an robh aon duine criubha, a' cur car.

Chuireadh iomairt theasairginn air dòigh le bàtaichean agus heileacoptear-teasairginn agus bàtaichean eile anns an sgìre.

Dhearbh na maoir-chladaich feasgar Dihaoine gun robh sgrùdadh a' leantainn fon mhuir airson an eathair, a' cleachdadh uidheamhachd shònraichte.

Chaidh aithris gun deach rudeigin a lorg air grunnd na mara, ach chan eil cinnt sam bith ann aig an ìre seo dè a th' ann.

Ach, tha an iomairt air tìr agus air uachdar na mara air stad, agus ged a chaidh dàibhearan poilis a ghairm a-steach, chan eil iadsan a-nis an sàs ann a bharrachd, leis gu bheil an sgìre mhara a thathas a-nis a' sgrùdadh ro dhomhain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh