Iomairt teasairginn faisg air Eilean Èisdeil

Air fhoillseachadh

Tha sgrùdadh a' leantainn airson bàt'-iasgaich a bh' ann an èiginn Diardaoin far Eilein Èisdeil an Earra-Ghàidheal.

Fhuair Maoir-chladaich Steòrnabhaigh gairm-èiginn feasgar Diardaoin gun robh bàta le aon duine air bòrd "a' dol thairis".

Chaidh Maoir-chladaich an Òbain, bàta-teasairginn an Òbain agus heileacoptair leis a' Chabhlach Rìoghail a chur an sàs.

Cuideachd, bha grunnan bhàtaichean eile a bh' anns an sgìre a' coimhead airson a' bhàta a bh' ann an èiginn.

Cha d'fhuair iad lorg oirre Diardaoin ge-tà, agus thòisich an iomairt às ùr madainn Dihaoine.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh