Icetech ann an èiginn

Tha companaidh a tha a' dèanamh reòthadairean an Gallaibh aig a bheil mu 70 neach-obrach ann an làmhan luchd-trusaidh nam fiach.

Tha Icetech Freezers, à Baile a' Chaisteil, ag ràdh gur iad a' chompanaidh mu dheireadh am Breatainn a tha a' dèanamh reòthadairean dachaigh.

Chaidh Dàibhidh Mac an t-Sealgair bhon luchd-cunntais Campbell Dallas ainmeachadh mar an neach-trusaidh.

Norfrost

B' e Norfrost a bh' air a' chompanaidh mus deach a ceannach a-mach à rianachd ann an 2005.

Thug Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean £1.5m do Norfrost mus deach i fodha.

Bhiodh Icetech Freezers a' dèanamh 160,000 inneal sa bhliadhna am Baile a' Chaisteil, a rèir na companaidh.

Thog agus reic iad mu 10,000,000 inneal bho chaidh an stèidheachadh bho chionn 40 bliadhna.