Seòras agus an Dràgon

Beannachd na fèille do Shasanaich (agus Catalanaich) a tha a' comharrachadh Là Naoimh Sheòrais an-diugh.

'S ann air bratach na Cuimrigh a tha am biast ri fhaicinn mar as trice.

Ach thàinig Seòras eile - sin Mgr Osborne - gu Alba an-diugh, gus cuidhteas fhaighinn dha Dràgon an SNP.

Ann an sgìre Bhaile Mharsanta, an Glaschu, rinn e dìon air an aonadh phoileataigeach agus eaconamach eadar Alba agus an còrr dhen Rìoghachd Aonaicte.

Seach claidheamh na làimh, bha pàipear rannsachaidh an riaghaltais aig Westminster, a' dèanamh sgrùdaidh air an roghainn airgid a bhiodh aig Alba mar dhùthaich neo-eisimeileach.

'S e plana an SNP gun cleachdadh Alba an not, ann an 'Sòn Sterling' leis a' chòrr dhen Rìoghachd.

Smachd

Ach le ridire ruadh Gàidhealach ri thaobh - Danny Alexander à Caisteal Inbhir Nis - thuirt Seòras dàna "nach coltach" gun gabhadh Lunnainn ris, a dh'aindeoin an iarrtais à Dùn Èideann.

Carson, thuirt e, a bheireadh an 58m neach anns a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte cuid dhen smachd air an airgead acasan don 5m a bha a' fuireach - mar a chuir e fhèin e - ann an dùthaich chèin mu thuath?

Dh'aidich e gum b' urrainn do dh'Alba an not a chleachdadh gun chead Westminster - mar a tha Panama leis an dolar Ameireaganach air neo Montenegro leis an Euro.

Ach gus aonta foirmeil a ruighinn le Alba neo-eisimeileach, dh'fheumadh toirt air Sasanaich, Cuimrich agus muinntir Èirinn a Tuath creidsinn gum biodh buannachd ann dhaibhsan.

Agus thuirt e gun iarradh iad sgrùdadh domhainn air polasaidh eaconamach na h-Alba.

Da rèir-san, dh'fhàgadh sin gum biodh aig Riaghaltas na h-Alba ris a' bhuidseat aca a thoirt do Westminster mus d'fhuair Holyrood an cothrom, air an aon dòigh 's a thèid buidseat na h-Èirinn a sgrùdadh anns a' Bhruiseil mus tèid e don Dáil.

Margaidhean

Mar a bhiodh dùil, chan eil an SNP dhen aon bheachd.

Dh'fhoillsich iadsan am pàipear aca fhèin air a' chùis an-diugh.

A' dìon nam planaichean aca airson Sòn Sterling, thuirt Alex Salmond nach robh ann am faclan an t-Seansalair ach brosnachadh cogaidh, agus gun seinneadh Seòras fonn eile às dèidh bhòt làidir airson neo-eisimeileachd.

An uair sin, thuirt am prìomh mhinistear, dh'aidicheadh Mgr Osborne gun robh a leithid de dh'aonta math airson Shasainn cuideachd agus airgead ola a' Chuain a Tuath a' cur gu mòr ri neart Sterling air na margaidhean eadar-nàiseanta.

A bharrachd air sin, bheachdaich Mgr Salmond, cha b' ann a-mhàin le Sasainn a bha Banca Shasainn, ach le Alba cuideachd.

Mura robh An Seansalair deònach a cuid de ghoireasan Bhreatainn a thoirt do dh'Alba, nach fàgadh sin nach feumadh i a cuid de fhiachan na dùthcha a ghabhail?

Còmhradh

'S e an fhìrinn nach robh an SNP airson a bhith air a' bhlàr seo.

B' àbhaist don phàrtaidh moladh gun cleachdadh Alba neo-eisimeileach an Euro, ach thugadh orra am beachd sin atharrachadh le cruaidh-chas an airgid shingilte Èorpaich.

Air cùl dhorsan, tha iad ag aontachadh le Mgr Osborne gum biodh e ro chosgail airgead Albannach fa leth a chur air dòigh, is mar sin tha iad a' moladh gum bi airgead singilte Breatannach ann às aonais riaghaltais shingilte.

Bidh tòrr dhen t-sabaid seo a' dol mus tig an reifreann air neo-eisimeileachd an ath-bhliadhna.

Is follaiseach a-nis gum biodh an còmhradh a leanadh bhòt air a son cruaidh bhon dà thaobh.

Ach mura tèid aige air cuidhteas a dhèanamh air ron uair sin, bidh aig Seòras - air neo ridire eile - ris a' chleadhamh a chur don dàrna taobh, agus an còmhradh sin a chumail leis an Dràgon.