Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An Giblean 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Airgead na h-Alba

Chuir an Seansalair, Seòras Osborne, teagamh ann am plana an SNP airson an Not a chumail mar airgead ann an Alba neo-eisimeilich. Tha an SNP ag ràdh gum biodh an Sterling na bhuannachd le co-obrachadh eadar Alba agus an còrr den rìoghachd. Ach ann an òraid ann an Glaschu thuirt Mgr Osborne nach eil cinnt sam bith ann am biodh Roinn an Ionmhais ag iarraidh sin, agus gum faodadh Alba an Not a chall.

Fiachan Bhreatainn

Tha figearan ùra bho Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun tàinig lùghdachadh beag air an t-suim-airgid a bh' air iasad aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air a' bhliadhna-ionmhais mu dheireadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil Riaghaltas na Co-bhanntachd a' gearradh fhiachan na dùthcha, ach gu bheil e a' toirt gu math nas fhaide na bha iad a' cur romhpa.

Boston

Chaidh casaidean a chur gu foirmeil air an duine a tha fo amharas mu na bomaichean aig Marathon Bhoston an t-seachdain seo chaidh. Thòisich a' chùis-lagha an aghaidh Dzhokhar Tsarnaev san ospadal far a bheil e fhathast. Chaidh innse dha gu bheil binn bàis air aon roghainn ma thèid a dhìteadh fo na casaidean a tha na aghaidh.

Canada

Thèid dithis mu choinneimh na cùirt ann an Toronto an-diugh fo chasaid gun robh iad am beachd ionnsaigh cheannairceach a thoirt air trèana eadar Toronto agus New York. Tha poilis ann an Toronto ag ràdh gun robh taic aig an dithis bho al Qaeda ann an Ioran.

Iorac

Tha aithrisean ann an Iorac gun deach 26 duine a mharbhadh ann an sabaid eadar feachdan Ioracach agus buidheann Sunni. Thòisich an àimhreit aig caismeachd an aghaidh an Riaghaltais ann am baile ann an ceann a tuath na dùthcha.

Cal Mac

Coinnichidh na h-aonaidhean agus manaidsearan Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a dheasbad dragh mu phlana airson atharrachadh ann am pàigheadh agus uairean-obrach. Chaidh innse do mu 70 de luchd-obrach Chal Mac air tìr, gum faodadh iad suas ri cairteal de am pàigheadh a chall. Tha an t-aonadh, an TSSA, ag ràdh gum faodadh stailc a bhith ann mur a tarraing Cal Mac air ais bho na gearraidhean a tha nam beachd.

MV Hebrides

Tha fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath ag iarraidh freagairt bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn mu thrioblaidean teicnigeach a' bhàt-aiseig an Hebrides bho chionn ghoirid. Thuirt Uisdean Robasdan gu bheil an suidheachadh a' cur turasachd Uibhist a Tuath ann an cunnart, agus gu bheil e tàmailteach gu bheil seo a' tachairt le bàta anns an do chleachd earbsa mhòr a bhith aca.