Ceist mun Ghàidhlig aig Alba Chruthachail

Alba Chruthachail Image copyright Alba Chruthachail
Image caption Tha coinneamhan gan cumail air feadh na dùthcha.

Tha fear de phrìomh bhàird agus sgrìobhaichean na Gàidhlig a' toirt slaic air Alba Chruthachail, a' bhuidheann a bhios a' maoineachadh nan ealainean, agus e ag ràdh nach eil iad a' toirt speis don Ghàidhlig.

Tha Alba Chruthachail a' cumail coinneimh anns an Eilean Sgitheanach Dimàirt, ag iarraidh bheachdan air an t-slighe air adhart dhaibh.

Ach tha iongnadh air Aonghas Pàdraig Caimbeul nach eil Gàidheil am measg nam prìomh òraidichean aig a' coinneimh sin, a thèid a chumail aig Sabhal Mòr Ostaig.

"Chan e luchd-ealain a tha làn-fhileanta ann an Gàidhlig a th' ann an gin dhiubh, agus chuir sin fìor fìor iongnadh orm," thuirt e.

Nàdarra

"Ma tha thu air a chur romhad do dhòighean atharrachadh agus spèis a thoirt do luchd-ealain ann an Alba, agus ma tha thu a' cumail coinneimh mu dheidhinn sin ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich, shaoilinnsa nach toireadh e dà smuain gum biodh cuideigin a tha làn-fhileanta sa Ghàidhlig air àrd-ùrlar.

"Cha bu chòir dhomhsa no do dhuine eile innse do dh'Alba Chruthachail gum bu chòir cuideigin a tha làn-fhileanta sa Ghàidhlig a bhith air an àrd-ùrlar nuair a tha iad a' dèanamh an leithid anns an Eilean Sgitheanach.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir dha a bhith nàdarra gun tachradh an leithid, a rèir rùintean agus ro-innleachd Alba Chruthachail fhèin.

"'S e an rud a tha a' cur dragh ormsa, chan e gu bheil sian agamsa an aghaidh an fheadhainn a tha gus a bhith air an àrd-ùrlar - tha iad math gu leòr, 's tha cuid aca air Gàidhlig ionnsachadh - ach 's e a tha a' cur dragh orm, nach tàinig e a-steach, mar gum biodh, air an rèadar aig Alba Chruthachail no na buidhnean eile a tha a' toirt taic dhaibh, idir, gus an do thog mi fhìn a' cheist.

"Agus aon uair 's gun do thog mise a' cheist, dh'aidich a h-uile duine aca an uair sin gun do rinn iad mearachd mhòr.

Spectrum na Beurla

"Chan ionnan bruidhinn mu dheidhinn na h-ealain ann an Gàidhlig tron chànan gu lèir le lèirsinn agus ann an doimhneachd agus le freumhan Gàidhlig, anns a' choimhearsnachd Ghàidhlig, agus bruidhinn mu dheidhinn le lens, no spectrum na Beurla.

"Nach eil mi seachd searbh... fiù 's fhathast leis an ùrachadh a tha iad air a dhèanamh, tha e, mar gum biodh, gum feum thu dìreach daonnan, daonnan, daonnan a bhith a' cur nan cuimhne "oh, by the way... dè mu dheidhinn cuideigin le Gàidhlig a chur a-mach anns an triùir a tha seo a tha a' bruidhinn?" Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e dìreach annasach," thuirt e.

Thuirt Alba Chruthachail gum bi feadhainn le Gàidhlig aig an tachartas, ged nach bi gin dhiubh am measg nam prìomh òraidichean.

Thuirt iad gum bi feadhainn le Gàidhlig ag òraid aig seiseanan eile aca air feadh na dùthcha.

Thuirt iad gu bheil iad an dòchas gun toir an deasbad aig Sabhal Mòr Ostaig a-steach cuspairean co-cheangailte ris a' Ghàidhlig is na h-ealain Ghàidhlig.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile