Corp boireannaich ga lorg ann an Abhainn Bhraoin

Air fhoillseachadh

Chaidh corp a lorg ann an Abhainn Bhraoin ann an Ulapul Didòmhnaich.

Bha sgiobannan teasairginn air a bhith a' sireadh Catriona NicLeòid, a chaidh a dhìth san sgìre.

Chaidh am boireannach, aois 58, fhaicinn mu dheireadh taobh a deas Ulapuil ann an raon-pàrcaidh.

Thèid rannsachadh post mortem a dhèanamh air a chorp.

Chaidh innse do a teaghlach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh