Corp fhir-choiseachd ga lorg

Air fhoillseachadh

Chaidh lorg fhaighinn air fear a bha a dhìth bho oidhche Shathairne, marbh ann am beanntan faisg air an Loch Bheag, deas air Ulapul.

Bha sgioba teasairginn nam beann às an sgìre agus maoir-chladaich Steòrnabhaigh air a bhith a-muigh a' lorg an fhireannaich, a bha 54.

Bha e a-muigh a' coiseachd nam beanntan Disathairne agus e coltach gun do thuit e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh