Carbad NHS le corp na bhroinn ga chur gu garaidse

Chaidh neach-obrach aig NHS Roinn a' Mhonaidh a chur far an dreuchd rè ùine, an dèidh do charbad anns a robh corp a bhith air a thoirt gu garaidse ann an Obar Dheathain airson càradh.

Lorg luchd-obrach na garaidse an corp anns a' charbad madainn Diciadain.

Thuirt NHS Roinn a' Mhonaidh gu bheil iad a' dèiligeadh ris a' chùis ann an dòigh gu math deatamach.

Tha iad air iarraidh air teaghlach an neach a chaochail, agus air luchd-obrach na garaidse, an leisgeul a ghabhail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile