Pàillean a' phobaill

Na Kaiser Chiefs aig Pàillean Srath Pheofhair Image copyright PAUL CAMPBELL
Image caption Cluich na Kaiser Chiefs aig Pàillean Srath Pheofhair ann an 2008.

Dh'fhaodadh a' choimhearsnachd sealbh fhaighinn air Pàillean Srath Pheofhair, fo phlanaichean aig bòrd-stiùiridh an togalaich eachdraidheil.

'S iomadh tachartas a th' air a bhith ann thar nam bliadhnaichean - bho chruinneachadh leis an tè-iomairt Emmeline Pankhurst gu cuirm leis na Kaiser Chiefs.

'S ann le Urras Thogalaichean Eachdraidheil na h-Alba a tha am pàillean, a chaidh fhosgladh ann an 1881.

Beachd an t-sluaigh

Tha luchd-obrach a' phàillein a' sireadh bheachdan bhon mhòr-shluagh air dè ghabhas a dhèanamh leis an togalach, mar phàirt dhen iomairt gus sealbh fhaighinn air.

Bidh tachartas dhan phoball aig a' phàillean air an 2na là den Chèitean.

Tha am pàillean air a chleachdadh an-dràsta airson chuirmean-ciùil, dannsan agus bainnsean.

An ath-bhliadhna, bidh deich bliadhna ann bho chaidh a leasachadh gu mòr, agus thuirt manaidsear an àite, Andrea Muir, gum feum iad sealltainn romhpa.

Bha i ag ràdh: "Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi am pàillean soirbheachail anns an àm ri teachd agus gum faigh mòran dhaoine buannachd às."

Linn Bhictoria

Tha am pàillean a' dol air ais gu eachdraidh Bhictorianach Srath Pheofhair.

Bhiodh luchd-turais, buill den teaghlach rìoghail agus uaislean nam measg, a' dol dhan bhaile gus bùrn òl, is iad den bheachd gun robh e math dhaibh.

Chosg an togalach, a chaidh fhosgladh le Bana-Dhiùc Chataibh, £2,769.

Tha mòran dhaoine ainmeal air bruidhinn ann, mar George Bernard Shaw, Ernest Shackleton agus Pankhurst.

Cogaidhean

Tron Chogadh Mhòr, bha e na ospadal do sheòladairean Aimeireaganach, agus chaidh a chleachdadh leis na feachdan armaichte tron Dàrna Chogadh.

Tha luchd-ciùil mar na Bay City Rollers, na Fortunes, Nashville Teens agus Brian Poole and the Tremeloes air cluich ann.

Thàinig crìonadh air ge-tà, agus cha deach a chleachdadh ro thric bho 1978 gus an deach a leasachadh.