Co-chomhairleachadh mu sheach-rathad Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Thòisich co-chomhairleachadh, a mhaireas seachd seachdainnean, Diciadainn mun sgìre tron tèid seach-rathad ùr Inbhir Nis.
Tha grunn bhliadhnaichean ann bho chaidh bruidhinn an toiseach air seach-rathad a thogail anns a' bhaile agus tha mòran chonnspaid air a bhith a' cuairteachadh nam planaichean.
Tha feadhainn a tha a' strì an aghaidh na slighe a thagh a' Chomhairle a' gearain gun tèid pìos math de dh'àrainneachd phrìseil a' bhaile a chall.
Coiteachadh?
Sheall fiosrachadh, a fhuair am BBC le bhith a' cleachdadh Achd Saorsa an Fhiosrachaidh, gun do dh'fheuch a' chompanaidh thogail as motha air a' Ghàidhealtachd, Tulloch, agus a' chompanaidh-bhùithtean Tesco, ri buaidh a thoirt air co-dhùnadh na Comhairle mun t-slighe a ghabhadh an rathad ùr.
Chaidh Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comh. Drew Hendry às àicheadh ge-tà, gun robh an dà bhuidhinn air buaidh a thoirt orra.
Ann am brath-naidheachd, thuirt Tulloch nach robh iad air comhairliche neo air oifigear comhairle sam bith a choiteachadh mun chùis agus gur e litir, le am beachdan fhèin, a chur a-steach nuair a chaidh iarraidh orra, uile 's a rinn iad.
"Prìomhachas eile"
Tha am BPA Gàidhealach, Rob Gibson ag ràdh gur ann air rathad an t-Sròim a leasachadh, seach air seach-rathad ann an Inbhir Nis, as fheàrr a ghabhadh an t-airgead seo a chosg.
Tha an A890 air a bhith dùinte grunn thursan anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh às dèidh mhaoimtean-talmhainn.
Thuirt Mgr Gibson gum feum Comhairle na Gàidhealtachd feumalachdan diofar choimhearsnachdan anns an sgìre aca a chothromachadh.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil e na phrìomhachas dhaibh Rathad an Sròim a dhèanamh sàbhailte.
Tha dùil gun tèid na planaichean deireannach airson seach-rathad Inbhir Nis air beulaibh chomhairlichean air 12mh dhen Lùnasdal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 16 An Giblean 2013