Smàladair fo sgrùdadh

Dhearbh Seirbheis Smàlaidh na h-Alba gu bheil smàladair ann am meadhan rannsachaidh a tha a' dol leis na poilis co-cheangailte ri falaisgear ann an Loch Abar aig toiseach na mìos.

Chaidh an duine, 39, a tha ag obair pàirt-ùine dhan t-seirbheis, a chur an grèim an t-seachdain a chaidh agus bha dùil ris ann an Cùirt an t-Siorraidh anns a' Ghearasdan Diluain.

Sròn an t-Sìthein

Ach, chaidh a leigeil ma sgaoil air urras, fhad 's a tha Neach-casaid a' Chrùin ag ullachadh aithisg mu dè dìreach a dh'adhbharraich an teine, a bha faisg air Sròn an t-Sìthein.

B' fheudar do Sheirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba iarraidh air daoine gun falaisgearan a dhèanamh air a' mhìos a chaidh le cho trang 's a bha iad leotha.

Tha iad air a bhith a' sgapadh gu luath leis gu bheil an t-sìde air a bhith cho tioram.