Fàilte mheasgaichte air aiseag ùr Chinn Tìre

Cala Cheann Loch Chille Chiarain Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Bheir an t-seirbheis mu 200 mìle far an astair eadar am baile agus Siorrachd Àir.

Chuir muinntir Cheann Loch Chille Chiarain fàilte air an naidheachd gum bi seirbheis aiseig ùr anns an sgìre as t-Samhradh.

Dh'innis Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum bi aiseag Samhraidh a' dol eadar am baile agus Àird Rosan ann an Siorrachd Àir.

Tha muinntir an àite an dùil gun toir an t-seirbheis ùr togail don eaconamaidh, agus e a' gearradh mu 200 mìle far an astair eadar am baile agus meadhan na h-Alba.

"'S e rud math a th' ann. Tha an t-àite feumach air rudeigin, agus tha iad air a bhith ag iarraidh aiseig o chionn dhà no thrì bhliadhnaichean," thuirt Calum MacAmhlaigh, a tha a' fuireach san sgìre.

Turasachd

"Àite sam bith, ma tha aiseag ann, tha rudeigin a' dol air adhart.

"'S ma tha luchd-turais a' dol dhachaigh air ais, feumaidh iad a dhol suas an aon rathad 's a thàinig iad a-nuas.

"Ach tha seo a' toirt dhaibh dòigh eile a dhol dhachaigh.

"Tha mi cinnteach às gun tig barrachd dhaoine ri linn, bhon tha iad air raointean goilf ùra a dhèanamh, 's tha iad ag iarraidh tòrr luchd-turais 's daoine a tha a' cluich goilf a thighinn dhan àite," thuirt e.

Ach chan eil a h-uile duine air gàirdeachas a dhèanamh.

Soitheach Ùr

Tha muinntir Uibhist a Deas air bhith ag iomairt o chionn iomadh bliadhna airson seirbheis aiseig fhaighinn a Mhalaig, seach dhan Òban, a-mach à Loch Baghasdail.

Tha an Riaghaltas Albannach air sin a dhiùltadh dhaibh, ag ràdh nach eil airgead ann airson soitheach ùr a thogail air a son.

"Chan eil sian agamsa an aghaidh àite mar sin a bhith a' faighinn aiseig, ach cuin a thòisich iadsan ag iarraidh bàt-aiseig?" thuirt an Comh. Raghnall MacFhionnghain.

"Tha sinne air a bhith a' rànaich airson bhliadhnaichean a-niste ag iarraidh seirbheis, agus tha sinn air a h-uile sian innse dhaibh mu mar a dh'obraicheas e - 's cha toir iad dhuinn e.

"Chan eil mi a' tuigsinn idir idir idir.

"Chan eil iad seo fiù 's deiseil airson a' bhàt-aiseig, agus tha e ga bhualadh thuca.

"Chan eil mise a' tuigsinn an riaghaltais a tha seo," thuirt e.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gu bheil làn-fhios aca air iarrtas mòr anns a' choimhearsnachd airson seirbheis eadar Malaig is Loch Baghasdal ach gum feumadh sin bàt'-aiseig ùr a thogail, agus le cosgaisean a' ruith gach bliadhna gum biodh e ro dhaor an-dràsta.

Thuirt iad, mar a thuirt iad ron a seo, gun tèid beachdachadh air a' chùis an ath-thuras a tha iad a' sgrùdadh chùmhnantan aiseig nan Eilean 's Cluaidh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile