Buaidh aig companaidhean air seach-rathad Inbhir Nis?

Abhainn Nis Image copyright bbc
Image caption Thèid an rathad tarsainn Abhainn Nis agus a' Chanàil Chaileannaich.

Tha e air tighinn am bàrr gu bheil a' chompanaidh togail as motha air a' Ghàidhealtachd, Tulloch, agus a' chompanaidh mhòr-bhùithdean Tesco air a bhith a' coiteachadh Comhairle na Gàidhealtachd airson rathad ùr a thogail ann an Inbhir Nis a thèid tro àrainneachd phrìseil.

Fhuair am BBC am fiosrachadh le bhith a' cleachdadh Achd Saorsa an fhiosrachaidh.

Thathas a-nise a' fàgail air an ùghdarras ionadail gu bheil iad a' cur iarratasan luchd-leasachaidh air thoiseach air a' phoball.

Thathas air a bhith a' bruidhinn air seach-rathad, neo ceangail-rathad, a thogail tarsainn a' Chanàil Chaileannaich agus Abhainn Nis o chionn bhliadhnaichean mòra.

An-uiridh, rinn a' Chomhairle co-dhùnadh cò an t-slighe air an deadh rathad a thogail, tro sgìre uaine air iomall an iar a' bhaile.

Ach tha am BBC air fiosrachadh fhaighinn a tha a' sealltainn gur dòcha gun tug Tulloch agus Tesco buaidh air a' cho-dhùnadh sin.

Nan rachadh pròiseact eile a chur air adhart - drochaid àrd tro chuarraidh Thòrr Bheathain, bha an dà chompanaidh a' bagairt cur an aghaidh an leasachaidh.

Nan tachradh seo, thuirt Tulloch cuideachd gum biodh iad a' sireadh airgid-dhìoladh leis gun cailleadh iad fearann air am b'urrainn dhaibh taighean a thogail.

Tha luchd-iomairt ag ràdh nach eil e na iongnadh gu bheil na companaidhean air a bhith a' coimhead às an dèidh fhèin, agus tha iad a' fàgail air a' Chomhairle gun robh iad gu math mì-onarach agus iad a' cumail fiosrachaidh bhon phoball.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile