Ath-bheothachadh air fàire air taobh siar Mhuile

Cidhe Aiseig Ulbha Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh an sgoil a chomharrachadh airson dùnadh o chionn trì bliadhna.

Tha coimhearsnachd bheag ann an Muile air plana leasachaidh ullachadh, agus bun-sgoil na sgìre ann an chunnart dùnadh.

Chomharraich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid sgoil Aiseig Ulbha airson dùnadh o chionn trì bliadhna.

Às dèidh sin chuir muinntir Aiseig Ulbha comann coimhearsnachd air bhonn gus am plana ullachadh.

Rinneadh co-chomhairleachadh poblach feuch na uireasbhaidhean a bu mhotha anns an sgìre aithneachadh.

Tha am plana a' moladh gun tèid taighean a thogail a bhios ri reic no ri ghabhail air màl air prìs reusanta, agus dheadh seirbheisean na sgìre a leasachadh.

Bheirte leasachadh air còmhdhail, cidhe na sgìre, agus raon-cluiche do chloinn.

Tha a' choimhearsnachd cuideachd a' bruidhinn air an sgoil fhèin a cheannach bhon Chomhairle.

Tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean air Oifigear-Leasachaidh Ionadail a mhaoineachadh, agus tha na thathas a' moladh a-nis air fhoillseachadh ann am plana coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile