Ceum eile dhan t-seach-rathad

Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach Diluain taic a chur ris an ath cheum de Sheach-rathad an Iar Inbhir Nis.

Image caption Dheigheadh an ceangal thar Abhainn Nis.

Tha an 'West Link' mar a th' aca air, air a bhith connspaideach bho thùs agus dragh ann gun tèid àrainneachd phrìseil agus goireasan spòrs a' bhaile a chall.

Tha 1,500 duine air an ainmean a chur ri ath-chuinge an aghaidh nam planaichean.

Feum

Ach, tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil feum air an rathad ri linn 's gu bheil meadhan Inbhir Nis cho trang le carbadan agus gum biodh e math dhan eaconomaidh.

Tha e an urra ri Comataidh Baile Inbhir Nis taic a chur ris an ath cheum dhen phròiseict.

Thuirt an t-eòlaiche còmhdhail Roy Pedersen, a b' àbhaist a bhith na chomhairliche gum biodh an ceangal math do dh'Inbhir Nis agus dhan Ghàidhealtachd air fad.

Leasachadh

Aig a' cheart àm, thèid iarraidh air comhairlichean taic a thoirt do leasachadh ann an sgìre Thòrr Bheathain.

Tha plana ann airson còrr air 1,000 taigh a thogail, a bharrachd air goireasan spòrs agus marina.

Ma gheibh a' phròiseict taic, tòisichidh co-luadar sa bhad.